Skip to main content
Visit Scotland | Alba

Looking for advice and support to start, improve, grow, or promote your business? View our Business Support Hub.

Article published 20/10/2025

Nì iomairt margaidheachd ùr aig VisitScotland feum do ghnothachasan turasachd is thachartasan sna h-Eileanan Siar, aig àm nuair a tha àireamhan luchd-turais a’ sealltainn gur e àm dùbhlanach a th’ ann fhathast do thurasachd ann an Alba.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad £2 mhillean a bharrachd airson na h-iomairt a bhios ag amas air luchd-tadhail eadar-nàiseanta agus na RA, agus bithear gu h-àraidh a’ brosnachadh luchd-tadhail bhon RA gus tighinn a dh’Alba air feadh na bliadhna.

Tha an iomairt ga cur air adhart aig àm nuair a tha na suidheachaidhean ionmhasail pearsanta aig luchd-tadhail bhon RA fhathast a’ toirt buaidh air an t-siubhal a nì iad. A rèir Suirbhidh Luchd-tadhail na h-Alba 2023, bha 66% de luchd-tadhail a chuir seachad oidhche no barrachd sna h-Eileanan Siar às an RA, agus bha an 34% eile à dùthchannan eile.

Gus luchd-tadhail bhon RA a thàladh, obraichidh VisitScotland còmhla ris a’ chompanaidh shiubhail eadar-nàiseanta Expedia, agus còmhla ri luchd-buaidh is diofar mheadhanan, agus sinn a’ dèanamh sanasachd air buadhan na sgìre.

Leis an iomairt seo bithear cuideachd a’ feuchainn ri barrachd dhaoine bho thall thairis a bhrosnachadh gu bhith a’ tadhal air an sgìre taobh a-muigh an t-seusain agus airson tursan goirid, gu h-àraidh bho phrìomh mhargaidhean leithid nan Stàitean Aonaichte agus an Roinn Eòrpa.

Cuideachd, faodaidh gnothachasan ionadail agus luchd-eagrachaidh thachartasan feum a dhèanamh dhen Phrògram Thaice do Ghnothachasan aig VisitScotland a bhios a’ toirt taic seachad fad na bliadhna, leithid cothrom an-asgaidh air goireasan is stiùireadh a chuidicheas gnothachasan le bhith a’ leudachadh air an obair aca, a’ cur leasachaidhean ùr-ghnàthach an sàs, agus le bhith a’ ruighinn air luchd-amais ùra.

Am measg nan goireasan aca tha goireas didseatach – Bun-ghoireas Taice do Ghnothachasan – far am faigh daoine fiosrachadh air tachartasan airson a’ ghnìomhachais agus artaigilean le eòlaichean air cuspairean leithid a’ gleidheadh thursan air-loidhne, margaidheachd, seirbheisean is cothroman do luchd-ceannaich, reachdas, seasmhachd, agus cleachdaidhean cunntachail.

Tha goireasan practaigeach ann cuideachd a thaobh phlanaichean airson phrìsean, a’ leudachadh air a’ mhargaidh agaibh, a’ sgrùdadh ìrean coileanaidh, agus eisimpleirean de ghnothachasan turasachd is thachartasan a tha air soirbheachadh.

Thuirt Victoria Harvey, Manaidsear Leasachaidh VisitScotland airson nan Eilean Siar: “Tha an Rìoghachd Aonaichte (RA) na margaidh glè chudromach airson nan Eilean Siar, chan ann dìreach a thaobh àireamhan luchd-tadhail agus a thaobh an airgid a chosgas iad an seo, ach cuideachd a thaobh mar a bhios iad a’ cur ri neart is seasmhachd na roinne agus na h-eaconamaidh san fharsaingeachd. Tha luchd-tadhail bhon RA nas buailtiche turas a ghabhail aig diofar amannan dhen bhliadhna agus tadhal air diofar phàirtean de na h-eileanan againn, agus tha sin a’ cuideachadh ghnothachasan agus choimhearsnachdan ionadail.

“Tha an dàta agus am fiosrachadh as ùire a th’ againn a’ sealltainn gur e maith is fallaineachd dhaoine fhathast aon na prìomh adhbharan a bhios daoine a’ siubhal, agus mar sin leis a’ mhargaidheachd a nì sinn sa bhliadhna air thoiseach nì sinn sanasachd air buadhan sònraichte na sgìre leithid na bòidhchead nàdarra, na cothroman sònraichte agus an fhàilte chridheil a gheibh daoine agus nì sinn follaiseach mar a bhios turas a dh’Alba math dha d’ inntinn, do bhodhaig, agus dha d’ anam.

“Leis a’ Phrògram Thaice do Ghnothachasan, nì sinn cinnteach gu bheil cothrom aig gnothachasan sa ghnìomhachas air na goireasan is an stiùireadh a tha dhìth orra gus làn-fheum a dhèanamh dhen iomairt seo, iomairt a nì cinnteach gum bi Alba na ceann-uidhe fìor tharraingeach air am bi daoine a’ tadhal, agus gum bi daoine a’ tilleadh, air feadh na bliadhna.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na bhios VisitScotland a’ dèanamh gus cur ri ar margaidhean, tadhlaibh air Margaidheachd Foghair is Geamhraidh 2025-2026 I VisitScotland.org

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Bun-ghoireas Thaice do Ghnothachasan aig VisitScotland, tadhlaibh air Bun-ghoireas Taice VisitScotland do Ghnothachasan | Taic VisitScotland do Ghnothachasan 

Kim Walton

Contact for media enquiries about North Scotland.

Other things you might like