Do dhuine sam bith a tha dèidheil air bobhla lite, no brochan mar a chanas cuid, tha VisitScotland air mapa sònraichte fhoillseachadh, le fios air àiteachan far am faigh daoine blasad de lite no nithean eile dèanta le min-choirce agus air àiteachan le ceangal ri lite air feadh Alba.
Air Lite na h-Alba: Blasad Ceart dhen Dùthaich, a tha air fhoillseachadh le buidheann nàiseanta na turasachd is nan tachartasan, thathar ag ràdh ‘gur e lite am biadh as fheàrr’ airson neart is stiùir a thoirt dhuibh fhad ’s a tha sibh a’ cur eòlas air Alba agus chithear air a’ mhapa clàr-ama eachdraidheil na lite ann an Alba agus fiosrachadh inntinneach is annasach mu deidhinn, agus tha 18 àiteachan air an comharrachadh aig a bheil ceangal ri lite is biadh eile dèanta le min-choirce is coirce.
Thathar a’ foillseachadh a’ mhapa aig an aon àm ’s a tha prògram aithriseach ùr ga shealltainn, The Golden Spurtle, a tha a’ toirt sùil air Farpais Lite na Cruinne a bhios ga cumail gach bliadhna ann an Drochaid Chàrr air a’ Ghàidhealtachd. Thòisicheadh air a shealltainn ann an taighean-dhealbh san RA is ann an Èirinn o chionn ghoirid agus bithear ga shealltainn ann an diofar dhùthchannan thall thairis nas fhaide air a’ bhliadhna.
Air Lite na h-Alba: Blasad Ceart dhen Dùthaich, thathar a’ toirt iomradh air clàr-bìdh na lite aig Broad Bay House ann an Leòdhas, Taigh-fuine Skibhoul air Eilean Unst, ann an Sealtainn – an taigh-fuine as fhaide tuath san RA – far am bithear a’ dèanamh aran-coirce sònraichte le bhith a’ cleachdadh uisge na mara agus Taigh-grùdaidh an Eilein Duibh ann am Poll Lochaidh, air a’ Ghàidhealtachd, far am faod luchd-tadhail cuairt a ghabhail air an taigh-ghrùdaidh agus blasad fhaighinn dhen Leann-dubh Choirce aca. Faodaidh daoine eòlas a chur air ‘brochan’ de sheòrsa gu tur eadar-dhealaichte aig an Devil’s Porridge Museum ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh.
’S e a th’ anns a’ mhapa, a gheibhear aig www.visitscotland.com/porridge tionndadh ùr de Chuairt Mhòr Lite na h-Alba, a dh’fhoillsich VisitScotland ann an 2017.
Bidh farpaisich bho air feadh an t-saoghail a’ gabhail pàirt ann am Farpais Lite na Cruinne airson a' Golden Spurtle, far am bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri dualchas agus innleachdas leis gach làn spàin de lite a ghabhas daoine. Am-bliadhna, thèid an fharpais a chumail Disathairne (4 Dàmhair) agus tha na farpaisich an dòchas gun ullaich iad bobhla fìor mhath dhen lite a chòrdas ris na britheamhan.
Tha am film, The Golden Spurtle, a’ dèanamh taisbeanadh air an fharpais annasaich agus iomraitich seo agus air dìcheall is dealas nam farpaiseach bho air feadh air an t-saoghail agus iad uile a’ feuchainn ri làmh-an-uachdar fhaighinn ann am farpais mhòr na lite.
Thuirt Ailean MacFhraing, Ceann-cinnidh Farpais na Lite: “Chan eil dad cho sìmplidh ri coirce, salann agus uisge, ach ’s ann doirbh dha-rìribh a tha e bobhla lite math ullachadh!
“Tha an dòigh as fheàrr leotha fhèin aig a h-uile duine gus lite a dhèanamh. Bidh mi fhìn a’ measgachadh coirce garbh ‘pinhead’ leis an lite gus lite air leth math a dhèanamh a tha brìghmhor is blasta. Cuid a làithean, cuiridh mi steall de mhil ann airson a dhèanamh milis. Bidh dòigh eadar-dhealaichte aig a h-uile duine!
“Seo an 32 bliadhna dhen Golden Spurtle. Thòisich e mar oidhirp gus an seusan turasachd a leudachadh ann an Drochaid Chàrr agus a-nis ’s e tachartas bìdh eadar-nàiseanta a th’ ann a bhios a’ tàladh fharpaiseach bho air feadh na cruinne.
“Tha còrr is 60 farpaiseach bho 14 dùthchannan a’ gabhail pàirt san tachartas ann an 2025, agus tha gach neach an dòchas gun glèidh iad Am Maide Òir agus an t-urram Gaisgeach Lite na Cruinne. Tha an tachartas fhathast gu math càirdeil agus rud beag annasach, ach cho math ris an spòrs tha farpais dha-rìribh ann eadar na daoine gus an duais a thogail. Tha am film, The Golden Spurtle, a’ taisbeanadh spiorad an tachartais againn agus a’ sealltainn cuid de na daoine a nì cinnteach gu bheil tachartas sònraichte againn a h-uile bliadhna.”
Thuirt Jill Walker, Stiùiriche VisitScotland airson Margaidheachd is Chùisean Didseatach: “Tha na h-Albannaich glè dhèidheil air lite agus tha ceangal cultarach daingeann aca rithe agus tha fhios gu bheil sinn uile air faighneachd uaireigin ‘uisge no bainne?’ agus ‘le no gun salann?’.
“Tha dualchas brìghmhor againn ann an Alba a thaobh lite mar bhiadh blasta, blàth làn mathais agus tha am mapa againn a’ comharrachadh ealantas is dealas luchd-solair, thaighean-fuine agus thaighean-grùdaidh ionadail agus eachdraidh na lite is a’ choirce ann an Alba.
“Tha e cuideachd a’ dèanamh sanasachd air Drochaid Chàrr agus 17 àiteachan eile – eadar Sealtainn, Ìle agus Kelso – far am faod luchd-tadhail blasad a ghabhail de lite, aran-coirce agus eòlas a chur air nithean eile le ceangal ri coirce, leithid mhuilnean, taighean-tasgaidh agus àiteachan-fuirich.
“A rèir an rannsachaidh againn, cheannaich no dh’fheuch 1.78 millean de na daoine bhon RA a thadhail air Alba, airson oidhche no barrachd, biadh ionadail, agus mar sin tha fios againn gu bheil luchd-tadhail airson blasad ceart fhaighinn de bhiadh is àiteachan ionadail.
“Tha am mapa a’ toirt cothrom air leth blasta do dhaoine gàirdeachas a dhèanamh ris a’ film ùr, The Golden Spurtle, agus tha e a’ dèanamh sanasachd air na cothroman is tursan iongantach a gheibhear le ceangal ri biadh is deochan, agus thathar a’ brosnachadh luchd-tadhail gu bhith a’ cur eòlas air àiteachan ùra agus a’ gabhail blasad dhen bhiadh shònraichte a gheibhear ann an Alba a nì cinnteach gum bi turas aca a mhaireas fada air chuimhne.”
Thuirt Constantine Costi, Stiùiriche The Golden Spurtle: “Le bhith a’ dèanamh The Golden Spurtle, bha mi airson saoghal a chur fa chomhair a’ mhòr-shluaigh sam faicear annasan beaga is miannan stòlda nan daoine. Bha mi airson sgeulachd innse sa bheil daoine àbhaisteach a’ nochdadh, daoine a tha làn blàths agus àbhachdais agus iad a’ nochdadh fheartan a gheibhear annainn uile.
“’S dòcha gu bheil daoine a’ smaoineachadh gur e biadh sìmplidh a th’ ann an lite – dìreach coirce, salann, agus uisge, ach tha eachdraidh mhòr air a cùlaibh a’ sìneadh air ais fad iomadh linn, agus tha sgeulachd an lùib nan eadar-dhealachaidhean a gheibhear le lite a tha a cheart cho togarrach ris an tìr a tha a’ toirt dachaigh dhi. Ann an tìr eireachdail Gàidhealtachd na h-Alba, chuir mi eòlas air daoine glè laghach a tha an sàs ann an saoghal, beag agus mòr, na lite, agus iad cho cridheil, èibhinn agus blàth.”
Thuirt Fiona Richmond, Ceannard airson Biadh Sgìreil, Biadh is Deochan na h-Alba: “Tha mapa lite VisitScotland na ghoireas sgoinneil le fios air cuid de na h-àiteachan fìor mhath a th’ ann an Alba aig a bheil ceangal sònraichte ri coirce no biadh dèanta le coirce, biadh a tha gu math cumanta ann an cidsinean muinntir na h-Alba.
“Eadar cuairtean air tuathanasan, taisbeanaidhean ann an taighean-tasgaidh agus cuairtean air taighean-grùdaidh, tha rudeigin ann dhan a h-uile duine, agus tha farsaingeachd nan tursan is nan cothroman a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha turasachd a’ bhìdh do ar coimhearsnachdan is dhan eaconamaidh.”
Faicibh Mapa Lite na h-Alba an seo
DEIREADH