Skip to main content
Visit Scotland | Alba

Looking for advice and support to start, improve, grow, or promote your business? View our Business Support Hub.

Article published 11/09/2025

Thathar a’ moladh do ghnothachasan turasachd sna h-Eileanan Siar clàradh airson tachartas far an urrainn dhaibh ceanglaichean gnothachais a thogail le companaidhean turais cruinneil, luchd-comhairleachaidh siubhail agus Companaidhean Stiùiridh Cheann-uidhe a tha a’ riochdachadh nam margaidhean siubhail as cudromaiche do dh’Alba.

Thèid Ceanglaichean VisitScotland 2026, a tha a’ faighinn taic bho Tadhail air Glaschu, a chumail airson a’ chiad uair riamh ann an Glaschu an-ath-bhliadhna aig Àrainn Thachartasan na h-Alba (SEC) agus faodar clàradh air a shon an-dràsta. Tha an tachartas seo na phàirt cudromach dhen iomairt aig buidheann nàiseanta na turasachd is nan tachartasan gus cur ri eaconamaidh an luchd-tadhail le bhith a’ leudachadh air an àite a th’ aig Alba ann am margaidhean turasachd na cruinne.

Bha riochdairean bho Thaighean-òsta Chala agus Hebridean Hopscotch Holidays, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, an làthair aig tachartas na bliadhna sa aig P&J Live ann an Obar Dheathain, far an do choinnich iad ri companaidhean siubhail eadar-mheadhanach. Am measg nan companaidhean sin bha companaidhean turais agus buidhnean-siubhail a bhios a’ cur thursan air dòigh a dh’Alba do luchd-ceannaich bho dhiofar àiteachan air feadh an t-saoghail, leithid Ameireagaidh a Tuath, An Roinn Eòrpa, Roinn Àisia/a’ Chuain Shèimh agus margaidh na RA fhèin.

Bidh na companaidhean seo a’ cuideachadh le bhith a’ brosnachadh luchd-tadhail gu bhith a’ tadhal air diofar àiteachan agus ’s urrainn dhaibh dèanamh cinnteach gum bi Alba – agus na h-Eileanan Siar – am measg nan ceann-uidhe a bhios aig luchd-tadhail sna bliadhnaichean ri thighinn agus gu bheil na tursan is cothroman a thathar a’ tabhainn do luchd-tadhail gan ùrachadh is gan leasachadh mar a dh’fheumar gus frithealadh air feumalachdan luchd-siubhail an latha an-diugh. 

’S e a tha fa-near do VisitScotland le ar prìomh thachartas malairt airson chompanaidhean siubhail is turasachd gum faigh gnothachasan Albannach a tha deiseil airson malairt a dhèanamh – leithid àiteachan-fuirich, feadhainn a tha a’ tabhann chothroman sònraichte agus goireasan is àiteachan turasachd – cothrom gus ceanglaichean a thogail le companaidhean siubhail na dùthcha agus eadar-nàiseanta.

Thuirt Christina Nic a’ Mhuilleir, Àrd-mhanaidsear airson Taighean-òsta Chala agus Hebridean Hopscotch Holidays: “’S iomadh buannachd a fhuair sinn bho bhith a’ gabhail pàirt ann an Ceanglaichean VisitScotland 2025. Thug e cothrom air leth feumail dhuinn chan e a-mhàin gus na com-pàirteachasan a th’ againn mu thràth a neartachadh, ach cuideachd gus ceanglaichean ùra a thogail sa ghnìomhachas.

“Choinnich sinn ri daoine a dh’fhaodadh a bhith nan luchd-ceannaich ùra dhuinn agus fhuair sinn tuigse fheumail air a’ mhargaidh bho na coinneamhan sin a bhios glè chudromach is feumail dhuinn nuair a bhios sinn a’ cur phlanaichean an gnìomh gus fàs seasmhach a thoirt air ar gnothachas. Tha sinn a’ moladh gu mòr do ghnothachas turasachd sam bith a tha airson ruighinn air barrachd luchd-tadhail gun tèid iad gu Ceanglaichean VisitScotland. Le bhith a’ dol gu leithid a thachartasan, tha sinne dhen bheachd gu bheil e gar cuideachadh le bhith a’ soirbheachadh sa ghnìomhachas.”

Tha figearan ùra* a’ sealltainn gun robh cha mhòr 250 gnothachas turasachd agus 270 companaidhean siubhail eadar-mheadhanach an làthair aig tachartas na bliadhna sa, agus gun deach £8.6 millean a chur ri eaconamaidh na h-Alba tro na tursan is nithean eile a chaidh a ghleidheadh le daoine mar thoradh air an tachartas.

A rèir sgrùdadh-bheachd a rinneadh às dèidh an tachartais, thuirt a h-uile gnothachas turasachd Albannach a fhreagair gun robh iad an dùil airgead a dhèanamh dhan ghnothachas aca mar thoradh air a bhith an làthair aig an tachartas. Cuideachd, thuirt 91% de luchd-ceannaich bho ghnìomhachas an t-siubhail gun robh iad an dùil prògraman no rudan ùra a thabhainn mar thoradh air an tachartas no gun robh iad an dùil na prògraman is na tha iad a’ tabhainn mu thràth a leudachadh, ùrachadh no atharrachadh.

Chaidh 8,200 coinneamh a chumail – 1,200 a bharrachd na bh’ ann ann an 2024 – agus bha 50 de na gnothachasan turasachd Albannach a bha an làthair ann airson a’ chiad turas aig Ceanglaichean VisitScotland.

Tha àireamhan a’ sealltainn gun do chuir muinntir na h-Alba fàilte ann an 2024 air an àireimh as motha riamh de luchd-tadhail bho thall thairis. Ghlèidh leth dhen luchd-tadhail a thàinig bho dhùthchannan eile na tursan aca tro chompanaidhean siubhail no luchd-comhairleachaidh siubhail, agus mar sin thathar dhen bheachd gu bheil an tachartas air gnothachasan turasachd Albannach a chuideachadh le bhith a’ reic nan goireasan is nan seirbheisean aca ri luchd-siubhail bho air feadh an t-saoghail.

A thuilleadh air an tachartas ann an Glaschu, thèid prògram sònraichte de thursan eòlais a chur air dòigh gus taisbeanadh a dhèanamh air a’ chuid as fheàrr de thurasachd na h-Alba. Leis na tursan seo bithear a’ cur cuideam gu h-àraidh air seasmhachd, agus gheibh riochdairean bho ghnìomhachas an t-siubhail cothrom eòlas a chur air iomadh rud, eadar cultar ionadail, biadh is deochan, seirbheisean rèile is còmhdhail phoblach, sòghalachd na dùthcha, tursan air a’ bhlàr a-muigh agus fiadh-bheatha agus iad a’ tadhal air diofar àiteachan.

Air a’ bhliadhna seo, thug luchd-obrach VisitScotland daoine air tursan air feadh Alba, le turas chun nan Eilean Siar nam measg. Air an turas sin thadhail luchd-ceannaich air grunn àiteachan air feadh nan eilean, leithid Taigh-staile Uibhist a Tuath, Orasay Inn, Long Island Retreats, Cnoc Soilleir, an Dark Island Hotel, Tursan Mara Uibhist, Shoreline Stoneware Gallery & Storytelling, Caisteal Leòdhais, Tursachan Chalanais, Taigh Dubh Arnoil agus Urras Oighreachd Ghabhsainn. 

Thuirt Victoria Harvey, Manaidsear Leasachaidh VisitScotland airson nan Eilean Siar: “Tha an tachartas Ceanglaichean VisitScotland na phàirt cudromach dhen obair a bhios sinn a’ dèanamh gus gnothachasan turasachd is thachartasan na h-Alba a chuideachadh le bhith a’ togail cheanglaichean eadar-nàiseanta agus le bhith a’ faighinn bhuannachdan bho mar a tha barrachd ùidh aig daoine bho dhùthchannan eile anns na h-eileanan againn.

“Tha turasachd fìor chudromach do dh’eaconamaidh nan Eilean Siar agus mholainn do ghnothachasan turasachd a tha deiseil airson malairt clàradh airson an tachartais seo ann an 2026. Gheibh iad cothroman air leth aig Ceanglaichean VisitScotland gus sanasachd a dhèanamh air na goireasan is seirbheisean aca dhan luchd-cheannaich a tha a’ riochdachadh nam margaidhean luchd-tadhail as cudromaiche againn.

“Ma tha sibh airson a bhith ag obair còmhla ri VisitScotland gus dèanamh cinnteach gu bheil sibh deiseil airson malairt a dhèanamh, mholainn dhuibh fios a chur thugainn agus ’s urrainn dhuinn ur cuideachadh.

“Bha mi cho toilichte fhaicinn gun robh Taighean-òsta Chala is Hebridean Hopscotch Holidays an làthair a-rithist am-bliadhna agus iad a’ dèanamh taisbeanadh air na h-eileanan sònraichte is tarraingeach seo do dhaoine bho air feadh an t-saoghail.

“Tha e deatamach ma tha sinn airson fàs seasmhach fhaicinn ann an eaconamaidh an luchd-tadhail gum bi sinn a’ brosnachadh luchd-tadhail gu bhith a’ tighinn dha na h-Eileanan Siar air feadh na bliadhna agus gu bhith a’ cosg barrachd sna coimhearsnachdan ionadail againn.”

Thèid Ceanglaichean VisitScotland a chumail air 15 is 16 Giblean 2026, aig an SEC ann an Glaschu, agus tha e airson ghnothachasan a tha deiseil airson a bhith ag obair le gnìomhachas an t-siubhail. Faodaidh gnothachasan a tha deiseil airson malairt a dhèanamh clàradh le bhith a’ cleachdadh a’ cheangail air Faodaidh gnothachasan a tha deiseil airson malairt a dhèanamh clàradh le bhith a’ cleachdadh a’ cheangail air an làrach-lìn aig Ceanglaichean.

DEIREADH 

*Chaidh a’ Bhuaidh Eaconamach Lom obrachadh a-mach bho àireamhan a chaidh a chruinneachadh às dèidh làimh tro sgrùdadh-bheachd airson daoine a bha an làthair aig Ceanglaichean VisitScotland 2025. Fhreagair 42 luchd-solair Albannach an sgrùdadh-bheachd.

Kim Walton

Contact for media enquiries about North Scotland.

Other things you might like