Ro-innleachd turasachd na Gàidhlig do dh’Alba 2018-23
Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, fèin-aithne agus cultar na h-Alba.
Ann am margaid eadar-nàiseanta a tha a’ sìor-fhàs nas fharpaisiche, tha e ro-chudromach gun urrainn do dh’Alba turas air leth a thoirt dhan luchd-tadhail as fhiach a chumail air chuimhne agus a bheir dhaibh fìor eòlas mun àite.
Dh’fhaodadh a’ Ghàidhlig agus a cultar cur gu mòr ri seo mar phrìomh eileamaid ann an tairgse chultarach na h-Alba - ach cha deach gu leòr a dhèanamh gu ruige seo.
Faodaidh gnìomhachas na turasachd air fad cothrom a ghabhail air a’ Ghàidhlig - daoine aig a bheil i is daoine aig nach eil. Tha seo a’ gabhail a-steach ghnìomhachasan a tha a’ tabhann chothroman bogaidh sa Ghàidhlig, cuid a tha a’ toirt seachad fiosrachadh mun chànan, a chultar agus a dhualchas, agus cuid a tha a’ cleachdadh beagan Gàidhlig sa bhrannd aca mar USP.