Modh Gearain

 

Poileasaidh Gearain Luchd-ceannach

 

Tha VisitScotland airson seirbheis proifeasanta gun lethbhreith a thabhainn aig gach àm agus a’ cur fàilte air beachdan agus fios air ais a chuidicheas sinn gus adhartas a dhèanamh san t-seirbheis a tha sinn a’ tabhann. Ged tha, tha sinn mothachail air gum bi trioblaidean ann bho àm gu àm. Nuair a dh’èireas buaireadh tha sinn a’ toirt a h-uile misneachd dhan luchd-ceannach againn a bhith a’ toirt an cothrom dhuinn cùisean a chuir ceart, gun a bhith dèanamh na h-aon mhearachdan  a-rithist agus an t-seirbheis againn a leasachadh.

 

Tha ar dòighean obrach a thaobh modhan gearain a’ co-fhreagairt air Modal Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO) agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh ma luchdaicheas sibh a-nuas Stiùireadh air mar a nithear gearain ri VisitScotland.

 


 

A’ togail gearain – ìre 1

 

Ma thèid cùisean ceàrr, ’s urrainnear gearain a chuir a-steach ann am pearsa (m.e aig Ionad Fiosrachaidh Ionadail) no tro bhith lìonadh a-steach an fhoirm seo air-loidhne – ma tha sibh airson ’s gun dèilig sinn ri ur beachdan sa Ghàidhlig nach lìon sibh an fhoirm anns a’ Ghàidhlig. Faodar cuideachd sgrìobhadh chun an t-seòlaidh a leanas agus nì sinn ar dìcheall dèiligeadh ribh ann an ceann còig latha obrach:

 

Customer Feedback Team

VisitScotland Ocean Point One 

96 Ocean Drive

Edinburgh

EH6 6JH

 

Email: customer.feedback@visitscotland.com

 

Gun a bhith riaraichte le ar freagairt? – ìre 2

 

Le bhith co-obrachadh leibh, tha sinne ag amas air ur gearain a rèiteach cho luath sa ghabhas agus taobh a-staigh na crìochan a chaidh ainmeachadh gu h-àrd. Mur a h-urrainnear sin a dhèanamh thèid dèiligeadh ris a’ ghnothaich aig ìre rannsachaidh. Thèid ball bho Sgioba nan Gnothaichean Corporra a chuir an dreachd airson aithisg choitchinn a dheasachadh agus ma tha sinn air mearachd a dhèanamh thèid molaidhean a dhèanamh air mar a ghabhas sin a cheartachadh.

 

Tha sinne ag amas air freagairt slàn a thoirt seachad aig ìre rannsachaidh cho luath sa ghabhas agus co-dhiù an ceann fichead latha. Ma tha a’ chùis toinnte agus gu bheil feum air ùine a bharrachd, cuiridh sinn fios thugaibh agus cuiridh sinn ceann latha air dòigh a bhios freagarrach oirnn uile.

 


 

Ma tha ur gearain mu fhèin-fhiosrachadh air làithean-saora

 

Ma tha ur gearain mu fhèin-fhiosrachadh a bh’ agaibh air làithean-saora, faodar gearain a thogail tro bhith lìonadh an fhoirm seo air-loidhne no sgrìobhadh chun an t-seòlaidh a leanas. Nì sinn ar dìcheall fios a chuir air ais thugaibh ann an ceann deich latha obrach:

 

Customer Liaison Team

VisitScotland

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
IV3 8NW

 

Email: qa@visitscotland.com

 


 

Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO)

 

Mura h-eilear uile gu lèir riaraichte le mar a dhèiligear leat faodar fios a chur gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO) airson co-dhùnadh air an deach dèiligeadh ribh gu h-iomchaidh.

 

’S e an SPSO an ìre dheireannach airson gearain mu sheirbheisean poblach ann an Alba agus dh’fhaodar ur cùis gearain a ghabhail os làimh gu neo-eisimeileach. Mar as trice cha ghabh an Ombudsman gnothaich ri cùis ach ma chaidh gabhail ri na ceuman gu h-àrd.

 

Cuiribh fios gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba mar a leanas:

 

Ann am pearsa Air a' phost

4 Melville Street

Edinburgh

EH3 7NS

 

Tel: 0800 377 7330

 

Email: ask@spso.org.uk
Website: www.spso.org.uk 

SPSO

Freepost EH641

Edinburgh

EH3 0BR

 

 

Delivering for tourism Image of front cover of document VisitScotland activity highlights VisitScotland activity
Working for Us VisitScotland employees Job vacancies at VisitScotland Vacancies
Holidays in Scotland People Link to VisitScotland's Holiday site Holiday Information